​​

Bragar & Arnol

Community Trust

"Promoting Pride in Place"

 

Blog

Mar 22
UCBA Quiz

Quiz.jpg

Mar 02
Deepwater Horizon (2016) 17/3/17 Grinneabhat 7pm

DeepwaterHorizonPoster.jpg

Feb 28
Coffee Morning

cofaidh na maidne 2016 2.jpg
 


Fàilte bhlath oirbh gach madainn Diardaoin bho 11m.

 

A warm welcome to all. Every Thursday from 11am.​

Feb 13
The Grump - 17/2/17 - 7pm

The-Grump-images-883b6c5c-8460-4dce-9526-084ccc84487.jpg

Feb 06
Pàrant is Pàiste


 

parant is paiste lucia.jpg
 


 


 


 


 

Tachartas ùr dha pàrantan is pàistean, buidheann a bhios cruinn aig Grinneabhat gach madainn Dimàirt eadar 10 is meadhan-là. Bidh ceòl, òrain, ealain is sgeulachd, gabhaidh sinn greim bìdh agus tì is cofaidh airson inbhich. ​Cuiribh fios thugainn ma tha ceistean sam bith agaibh.

A new parent and toddler group will meet on Tuesday mornings at Grinneabhat, 10am till 12pm.​ We'll have art, music and singing activities as well as story time. There will be a snack for the children and tea and coffee for the grown ups. Get in touch with any questions about the group.



Feb 01
Club Leabhair / Book Club

Choinnich Club Leabhair Grinneabhat airson a chiad uair Dimàirt​ 17mh am Faoilleach. Ghabh sinn copan teatha is pìos ceic, air oidhche bha cianail fuar a-muigh,​ is bheachdaich sinn air nobhailean is stoidhlean a tha còrdadh rinn is dè mar a bhios sinn a leughadh mar as trìce.

Aig deireadh na h-oidhche thagh am buidheann ar chiad dà leabhair, son mìos a' Ghearrain agus a' Mhàirt. 'S iad ​Elemental sgrìobhte le Amanda Curtin, le sùil ri dòigh-beatha coimhearsnachd iomallach, taobh sear na h-Alba, agus ​The Stranger, nobhail dìomhaireachd sgrìobhte le Harlan Coben. An cuide ri'n nobhailean, gheibhear stuthan leughaidh sa Ghàidhlig gach mìos, pìosan bàrdachd, aistean, sgeulachdan ghoirid is a chorr.

Faodar fios a chur thugainn ma tha ùidh agaibh pàirt a ghabhail sa chlub, tha sinn an dùil gum fàs ballrachd a' chlub thàr na mìosan, is gum faigh buill pàirt a ghabhail nuair a thathar freagarrach dhaibh. Coinnichidh Club Leabhair aig 7f air Dimàirt mu dhèireadh de gach mìos. Fàilte oirbh uile. 

 
DSCN7391.jpg
 


 

 
Club Leabhair met at Grinneabhat for the first time on Tuesday 17th January. We enjoyed a hot drink and some cake and cosily discussed the type of novels we usually pick and what we may like to read in future.
 
On the night the group chose the first 2 novels, for February and March. ​Elemental by Amanda Curtin, which paints a picture of life in a remote fishing village on the east coast of Scotland, and the mystery novel ​The Stranger​ by Harlan Coben. As well as the novels, there will be Gaelic reading materials available each month​ including poems, short stories and articles.
 
Get in touch with Grinneabhat staff or committee if you are interested in being a part of the book club. We expect to grow the membership over the coming months, to allow members to take part during months which are suitable. Club Leabhair will meet at 7pm on the last Tuesady of each month.

 


 





Jan 30
A' strì ri atharrachadh na gnàth-shìde

Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil have agreed to Scotland's climate change pledge for communities, established by the Scottish Government.

​'We UCBA acknowledge the increasing impact that climate change will have on our community, across Scotland and internationally and commit to tackling the causes and effects of a changing climate within our local area.

We pledge to:

take active steps to reduce our greenhouse gas emissions wherever possible, collectively and individually;

tell people what we are doing and why we are doing it; and

explore other actions we can take to address climate change, and our resiliece to it.

IMG_0423.JPG
 

 Tha Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil ag aithneachadh gun toir atharrachadh na gnàth-shìde barrachd buaidhe air ar coimhearsnachd, thar na dùtcha agus gu h-eadar-nàiseanta. Nì sinn geall oidhirp a dhèanamh gus adhbharan airson atharrachadh na gnàth-shìde agus na builean nan cois a dh' ionnsaigh.

Nì sinn geall;

ceumannan a thoirt gus ar buaidh càrbon ìoslachadh, mar dhaoine fa-leth agus mar bhuidheann;

fios a' sgaoileadh mun oidhirpean agus na cùl-adhbharan; agus

rannsaich  gnìomhan eile a bhiodh freagarrach gus ar n-amasan ruighinn.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh / More information

http://www.greenerscotland.org/​

http://www.keepscotlandbeautiful.org/climatechangepledge​




Jan 23
Grinneabhat Film Club

​Disathairne seo tighinn aig 3 uairean feasgair. Jungle Book (2016) a chòrdadh ri feadhainn òg is feadhainn nach eil idir òg. Fàilte oirbh uile.

15625899_151479322002471_7690391729300321469_o.jpg

Jungle Book (2016) this Saturday, 3pm. We are really excited to see this one :)

Jan 12
Club Leabhair
 
 
 
 

Club Leabhair.jpg 

 



Bidh Club Leabhair Grinneabhat a' coinneachadh airson a' chiad uair oidhche Dimàirt, 24mh am Faoilleach. Ma tha ùidh agad, no aig cuideigin a 's àithne dhut, nach cuiribh fios thugainn, no thig thugainn air an oidhche. BIdh roghainn de leabhraichean Beurla agus sgrìobhaidhean Gàidhlig an ceudna. Gheibhear fuine, copan teatha is fàilte bhlath.​

Jan 06
Clasaichean Gàidhlig

Beginner's Gaelic 2017.jpg

1 - 10Next